Passion, care, creativity...

Glasgow based independent Sorbier Productions was set up in 2005. A small company that thrives on original ideas and combined craft skills, we continue to develop, and are delighted to work regularly with some of the most skilled and respected freelance practitioners in Scotland. Here, you can view some of our work and the people who make it happen. Here you can view some of our work and the people who make it happen.

Chaidh Sorbier a stèidheachadh ann an 2005, le priomh amas – prògraman telebhisein Gàidhlig a riochdachadh gu àrd ìre, agus aig a’ cheart àm companaidh neo-eisimileach a leudachadh gu cùramach le comas, sgil is proifeasantachd aig a’ chridhe. Tha fichead bliadhna de dh’eòlas againn ann an craoladh, an dà chuid ann an gniomhachas na Gàidhlig agus anns an fharsaingeachd. Le bhith a’ taghadh sàr luchd-obrach anns gach roinn, tha cliù againn mar chompanaidh tàlantach, ealanta. Tha Sorbier airson gach cothrom a chleachdadh gus a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh troimh phrògraman telebhisein a tha adhartach, inntinneach, brìghmhor – agus aig a’ cheart àm tha sinn airson a bhith farsaing na’r feallsanachd agus ag amas air pròiseactan ùra fad na h-ùine. Tha sinn moiteil as an dòigh ‘sa bheil sinn a’ coimhead as deidh na daoine a tha ‘g obair còmhla rinn, agus ma tha e idir comasach, tha daoine air am fasdadh gu h-ionadail an còmhnaidh. Gheibhear beachd air na prògraman againn air an làrach seo.